Ged a leig Constabal Murdo dheth a dhreuchd, agus e fhèin 's a bhanacharaid air an dòigh a' cur seachad nam feasgairean a' coimhead 'A Place in the Sun', tha feum air fhathast ann an latha na h-èiginn. A dh'aindeoin Brexit, tha maorach a' fàgail nan eileanan gach seachdain airson na Roinn Eòrpa, agus bathar nach eil cho fallain a' tighinn nan àite. Cò e am Maighstir Mòr, agus cò na sgalagan a tha ag obair dha? Is dòcha nach eil mòran foghlaim aig Murchadh, ach tha gliocas dùthchasach a dh'aithnicheas an diofar eadar caora is gobhar, agus cò a b' fheàrr a rachadh air tòir na fìrinn? Sgeulachd thaitneach cho-aimsireil a tha a' toirt an leughadair o Mhalaig gu Marseille. Drùidhteach, èibhinn, dùbhlanach agus togarrach. Nach tig sibh còmhla ris air an sgiorradh chunnartach seo tarsainn na Roinn Eòrpa gu bhan nan tiops agus nan reòiteagan ri taobh an A9? Far am faigh sibh, aig a' char as lugha, aon Chornetto...
© 2022 Luath Press (전자책 ): 9781804250228
출시일
전자책 : 2022년 5월 31일
태그

격이 다른 오디오북 생활을 경험해보세요!
아직 리뷰가 없습니다
대화에 참여하고 리뷰를 추가하려면 앱을 다운로드하세요.
한국어
대한민국